Dèanamaid Beagan Leughaidh!

Gabh pàirt ann an tachartasan comharrachaidh na h-Alba airson leughadh is leabharlannan air 7mh Dàmhair.

Image 1 Image 2 Image 3 Image 4

Ar n-amas

50,000 duine a’ leughadh còmhla air 7 Dàmhair.

Thathar air sealltainn gu bheil dìreach sia mionaidean de leughadh a’ lùghdachadh streas. Smaoinich air an diofar a nì e nuair a leughas na mìltean de dhaoine air feadh na h-Alba còmhla.

5623
- àireamh nan daoine a tha air gealltainn gun leugh iad

Geall le duine fa leth

Tha mi a' gealltainn gun leugh mi air 7 Dàmhair 2026

Gealltanas buidhne

Mur deidhinn

’S e a th’ ann am Beagan Leughaidh ach comharrachadh nàiseanta na h-Alba air leughadh - cuireadh sìmplidh do dhuine sam bith stad, beagan mhionaidean a ghabhail, agus tlachd fhaighinn à leughadh.

Co-dhiù an e nobhail, comaig, iris, pàipear-naidheachd, leabhar-èisteachd, dàn no reasabaidh a th’ ann, tha a h-uile seòrsa leughaidh cudromach. Air 7 Dàmhair 2026, thig daoine air feadh na h-Alba còmhla airson àm leughaidh coithcheann gus an toileachas a tha an lùib leughaidh agus gus an togail a bheir leughadh air ar sunnd, ar n-ionnsachadh agus ar beatha làitheil a chomharrachadh.

’S iad na leabharlannan air feadh na h-Alba an t-àite as fheàrr gus tòiseachadh air an turas leughaidh agad. Agus tha e mar phàirt den amas againn barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus leabharlannan a chleachdadh – a’ brosnachadh a h-uile duine gus leughadh airson toileachas gu cunbhalach.

Le bhith a’ gabhail pàirt, tha thu a’ tighinn còmhla ris na mìltean de dhaoine air feadh na h-Alba - eadar sgoiltean, leabharlannan is àiteachan-obrach agus buidhnean

coimhearsnachd, teaghlaichean agus daoine fa leth - gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh dùthaich far a bheil luach ga chur air leughadh, far a bheil e air a dhèanamh còmhla agus far a bheil a h-uile duine a’ faighinn tlachd às.

Dèan beagan leughaidh agus cuidich Alba gus a bhith na nàisean a tha a’ faighinn tlachd à leughadh.

Tha Beagan Leughaidh air a stiùireadh le leabharlannan na h-Alba ann an com-pàirteachas le carthannasan slàinte inntinn, foillsichearan, luchd-reic leabhraichean, ùghdaran, luchd-foghlaim agus buidhnean coimhearsnachd, agus iad ag obair còmhla gus an nàisean a bhrosnachadh gus a bhith a’ leughadh.

A bheil thu feumach air rudeigin ri leughadh?

Anns an leabharlann ionadail agad, gheibh thu na mìltean de leabhraichean, leabhraichean-èisteachd, leabhraichean/irisean is pàipearan naidheachd eileagtronaigeach, agus luchd-obrach càirdeil gus do chuideachadh agus tu a’ lorg an ath rud ri leughadh.

Lorg an leabharlann ionadail agad

Seata Innealan

Tha a h-uile rud a dh’fheumas tu gus fios a sgaoileadh mu iomairt Beagan Leughaidh ri fhaighinn an seo.

Co-dhiù a tha sibh nur leabharlann poblach, sgoile, colaiste no oilthigh, nur àite-obrach, sgoil, carthannas, neach-reic leabhraichean no buidheann coimhearsnachd no com-pàirtiche san iomairt, tha an seata innealan againn ga dhèanamh furasta a dhol a-steach dhan ghluasad agus daoine eile a bhrosnachadh gus pàirt a ghabhail ann an comharrachadh nàiseanta leughaidh na h-Alba.

Tha na leanas san t-seata innealan:

  • Grafaigean agus puist deiseil airson an cleachdadh air na meadhanan sòisealta
  • Prìomh theachdaireachdan na h-iomairt agus briathrachas a thathar a’ moladh
  • Postairean, stòrasan didseatach agus stuthan brosnachaidh
  • Suaicheantasan iomairt agus stiùireadh air branndadh
  • Beachdan gus do choimhearsnachd, do bhuill no do cho-obraichean a thoirt an sàs

Còmhla, is urrainn dhuinn daoine air feadh na h-Alba a bhrosnachadh gus beagan leughaidh a dhèanamh, gaol air leughaidh a sgaoileadh agus a bhith nar pàirt de rudeigin a tha san dùthaich gu lèir.

Luchdaich a-nuas an seata innealan, sgaoil fios mun iomairt agus cuidich Alba gu bhith na nàisean a tha airson leughadh.

A’ sireadh rudeigin ri leughadh?

Tadhail air an leabharlann ionadail agad ro 7 Dàmhair agus lorg rudeigin ùr.

  • ‘Dh’ath-bheothaich leabharlannan mo dhealas airson a bhith a’ leughadh agus ag ionnsachadh. B’ fheàrr leam gun robh mi air leabharlannan poblach a lorg na bu thràithe.‘
  • ‘’S ann anns an leabharlann ionadail a thòisich mo ghaol air leughadh agus bu toigh leam seo a thoirt do mo chuid chloinne fhìn a-nis!’
  • ‘Bho bha clann agam, chan ann a-mhàin airson mo thoileachais fhèin (a bhith a’ coimhead tro na leabhraichean/a’ faighinn leabhraichean air iasad) a tha an leabharlann a-nis ach gus an gaol seo air leughadh a bhrosnachadh dhaibh.’
  • ‘Thug e dhomh cothrom tlachd fhaighinn à leughadh a-rithist, gu h-àraid aig àm nuair a tha èiginn chosgaisean bith-beò ann.’ Tha e math cothrom a bhith agam air catalog farsaing de leabhraichean.‘
  • 'Cleachdadh na leabharlainn nas trice sna làithean seo na riamh roimhe, eadar tursan le mo mhac agus airson mo sheanmhair, is toil leis an dithis aca leughadh!'
  • 'Tha an leabharlann air mo chuideachadh gus tòiseachadh air leabhraichean a leughadh a-rithist, rudeigin air an robh mi dèidheil roimhe - ach a sguir mi a bhith a’ dèanamh air sgàth ro-iomagain agus trom-inntinn.'
  • 'Tha e misneachail fios a bhith agam gum faigh mi cothrom gu furasta air stuth-leughaidh gun chosgais sam bith, ge b’ e dè thachras nam bheatha, agus gu bheil cothrom agam air luchd-obrach proifeiseanta eòlach cuideachd a tha coibhneil agus deònach cuideachadh.' Tha leabharlannaichean nan cungadairean airson na coimhearsnachd.'
  • 'Bhrosnaich an luchd-obrach mi gus rudeigin eadar-dhealaichte fheuchainn agus a-nis tha mi cuideachd a’ leughadh neo-fhicsean agus ficsean-saidheans agus tha an dà rud a’ còrdadh rium gu mòr.'

Com-pàirtichean

Tha na com-pàirtichean againn a’ cuideachadh Alba gus leughadh

Fiosrachadh a bharrachd

Carson a tha Beagan Leughaidh Cudromach

Tha leughadh na phàirt de bheatha làitheil, ach tha mòran dhaoine fhathast ann nach eil gam meas fhèin mar luchd-leughaidh.

Fhuair rannsachadh an Reading Agency a rinneadh ann an 2025 gu bheil 53% de dh’inbhich san RA gam meas fhèin mar luchd-leughaidh cunbhalach, agus nach eil 47% gan aithneachadh fhèin mar luchd-leughaidh, fiù ’s ged a bhios mòran a’ leughadh naidheachdan, reasabaidhean, fo-thiotalan, meadhanan sòisealta, nobhailean grafaigeach agus cruthan eile de theacsa gu cunbhalach.

Sin as adhbhar gum bi Beagan Leughaidh a’ comharrachadh leughadh den a h-uile seòrsa. Co-dhiù a thaghas tu leabhar, leabhar-èisteachd, comaig, iris, dàn no rudeigin gu tur eadar-dhealaichte, tha e uile cudromach.

Tha gach seòrsa leughaidh comasach ann an leabharlannan, agus iad a’ tabhann cothrom an-asgaidh air leabhraichean, leabhraichean-èisteachd, leabhraichean-d, pàipearan-naidheachd, irisean ann an àiteachan fàilteachail far am faigh a h-uile duine rudeigin a chòrdas riutha.

Mar phàirt de Bhliadhna Nàiseanta an Leughaidh 2026, tha sinn a’ gabhail pàirt ann an gluasad air feadh na RA gus leughadh a dhèanamh nas fhaicsinniche, nas buntainniche agus nas ceangailte ri cultar làitheil. A’ brosnachadh dhaoine gus tadhal air leabharlannan na h-Alba agus a bhith a’ leughadh airson toileachais gu cunbhalach.

Air 7 Dàmhair 2026, gabh beagan mhionaidean, tagh rudeigin as toil leat agus thig còmhla ri Alba airson àm leughaidh coitcheann.

Tha a h-uile leughadair cudromach. Tha a h-uile seòrsa leughaidh cudromach. Nì beagan leughaidh diofar.

Rannsachadh

Leugh aithisg an Reading Agency air Leughadh le Inbhich, 2025

Faigh fiosrachadh mu Leughadh

Faigh barrachd fiosrachaidh mu Bhliadhna Nàiseanta àn Leughaidh 2026

Company Limited by Guarantee/Registered in Scotland No 129889
Scottish Charity No. SCO17886
Privacy Policy